O thugainn còmhla rium
O thugainn ri mo thaobh
Bu mhath leam a bhith a' tàmh am fianais do ghàire
Thugainn còmhla rium

O thugainn còmhla rium
O thugainn ri mo thaobh
Cumaidh mise blàth thu gus an tig an latha
Thugainn còmhla rium

O thugainn còmhla rium
O thugainn ri mo thaobh
Chan fhalbhainn gu bràth ma bheir thu dhomh do làmh
Thugainn còmhla rium

O thugainn còmhla rium
O thugainn ri mo thaobh
Thogainn fonn gu h-àrd nan tigeadh tu nam rathad
Thugainn còmhla rium

Hìl-a-rò, hìl-a-rì
Hìl-a-rò, hoireann ò ro-ò
Hìl-a-rò, hìl-a-rì
Hìl-a-rò, hoireann ò rò eile

O thugainn còmhla rium
O thugainn ri mo thaobh
'S gum fàg sinn soraidh-slàn le briseadh-crìdhe 's cràdh
Thugainn còmhla rium

O thugainn còmhla rium
O thugainn ri mo thaobh
Nar laighe air an tràigh, mi fhìn 's solas m' àigh
Thugainn còmhla rium

Hìl-a-rò, hìl-a-rì
Hìl-a-rò, hoireann ò ro-ò
Hìl-a-rò, hìl-a-rì
Hìl-a-rò, hoireann ò rò eile

Coma leat cò theireadh e
Cha chèilinn-sa mo rùin
Seinnidh mi mo mhiann
'S tu bhith leam mo nighean ruadh

O thugainn còmhla rium
O thugainn ri mo thaobh
Gur mise bha fo sgàil air sgaradh bho do ghràdh
Thugainn còmhla rium

O thugainn còmhla rium
O thugainn ri mo thaobh
'S aighearach mo shaoghal bhon thug thu dhomh do ghaol
Thugainn còmhla rium

Hìl-a-rò, hìl-a-rì
Hìl-a-rò, hoireann ò ro-ò
Hìl-a-rò, hìl-a-rì
Hìl-a-rò, hoireann ò rò eile

Hìl-a-rò, hìl-a-rì
Hìl-a-rò, hoireann ò ro-ò
Hìl-a-rò, hìl-a-rì
Hìl-a-rò, hoireann ò rò eile

Comments (0)